Tha an duilleag seo gu sònraichte ag amas air luchd-ionnsachaidh ach tha sinn an dòchas gum bi i inntinneach do dh’fhileantaich cuideachd. Ma chì thu mearachd san fhiosrachadh no bèarn chudromach san liosta stòrasan cuir fios thugainn.
BBC Alba air iPlayer | Radio nan Gaidheal | Naidheachdan | Blog Poilitigeach
Bliadhna nan Òran | Foghlam | Learn Gaelic
Chaidh BBC Alba a chur air bhonn airson prògraman ann an Gàidhlig a-mhàin a chraoladh. Air an làrach-lìn aca gheibh thu artaigilean naidheachdan ann an Gàidhlig, telebhisean tron iPlayer, Radio nan Gàidheal,cuibhreann de stòrasan chultaral a bharrachd air roinn airson luchd-ionnsachaidh. Air sgàth ‘s gu bheil gach ceangal ris an susbaint Gàidhlig sa phrìomh phàirt den duilleag dachaigh fhèin (cleachd na saigheadan airson barrachd susbaint a lorg), seachainn an taghadh aig bàrr na duilleige mur eil thu airson a dhol dhan phrìomh làrach-lìn aig a’ BhBC.
Airson Tbh Gàidhlig, Rèidio agus barrachd: Tadhail air BBC Alba >>
‘S e e-zine a tha ann an Dàna a bhitheas a’ lìbhrigeadh gach rud bho chùisean làthaireil gu spòrs gu h-iomlan ann an Gàidhlig.
Airson mion-fhiosrachadh: Leugh Dàna >>
‘S e blog ann an Gàidhlig a’toirt dhut na naidheachdan as ùire bhon Phàrlamaid Albannach a tha an seo.
Airson mion-fhiosrachadh: Leugh Blog Pàrlamaid na h-Alba >>
Tha Leabharlann Nàiseanta na h-Alba air cuid de na cruinneachaidhean de sheann leabhraichean Gàidhlig aca a chuir air-loidhne ann am fòrmat pdf a ghabhas luchdachadh a-nuas an-asgaidh.
Airson mion-fhiosrachadh: Coimhead air Early Gaelic Books Collection >>
‘S e carthannas a tha ann an Comhairle nan Leabhraichean a tha gu dicheallach a’ cur taic ri agus ag adhartachadh litreachas ann an Gàidhlig. Gheibh thu taghadh de leabhraichean air iomadh cuspair airson leughadairean de gach aois, sa bhùth air-loidhne aca.
Airson mion-fhiosrachadh: Tadhail air bùth Comhairle nan Leabhraichean >>
‘S e foillsichear de leabhraichean Gàidhlig a tha ann an Acair ged a tha tomhas mhath de na leabhraichean aca airson clann,tha iad a’foillseachadh leabhraichean airson inbhich cuideachd. Is d’fhiach a ràdh gu bheil leabhraichean cloinne nan toiseach tòisichidh fìor mhath do luchd-ionnsachaidh.
Airson mion-fhiosrachadh: Tadhail air bùth Acair >>
Mas e pàrant le clann òg a th’annad,tha stuthan Bookbug ri faighinn an asgaidh ann an Gàidhlig agus tha cead agad seiseanan an-asgaidh a fhrithealadh taobh a-staigh an uùghdarras ionadail agad fhèin.
Airson mion-fhiosrachadh: Tadhail air Bookbug >>
‘S e inneal math Duolingo airson cànanach a ionnsachadh agus tha cùrsa Gàidhlig ann a-nis. Feumaidh tu log a-steach a chruthachadh ach tha e an- asgaidh le dreach premium airson crioch a chur air na sanasan-reic.
Airson mion-fhiosrachadh: Feuch Duolingo >>
‘S e inneal air-loidhne a leigeas leat innealan sìmplidh cobhair cuimhne a dhèanamh agus a chleachdadh airson cànan ionnsachadh a th’ann am Memrise.Tha an ceangal seo ga do thoirt gu Cùrsaichean Gàidhlig air an dèanamh le coimhearsnachd Memrise. Feumaidh tu log a-steach a chruthachadh (no soidhnig a-steach le Facebook) airson tòiseachadh ach tha e an- asgaidh.
Airson mion-fhiosrachadh: Feuch Memrise >>
Innealan | Tòiseachadh | Cleachd Gàidhlig | Coimhead Gàidhlig | Pàrantan is Clann
‘S e larach-lìn coitcheann le iomadh goireas agus cùrsa Gàidhlig airson luchd-tòisichidh a tha ann an Learn Gaelic. San roinn Innealan gheibh thu cruinneachadh feumail de dh’fhaclairean agus mas e neach-tòisichidh no pàrant a th’annad,tha na roinnean a tha ag amas air clannn air leth feumail agus cuideachail airson stòr-fhaclan agus gràmar a chumail na do chuimhne. Tha na roinnean airson luchd-ionnsachaidh a tha nas sine le ceanglaichean ri goireasan eile agus an slàn chatalog de na cliopaichean bho Speaking Our Language a tha air leth math airson sgilean èisteachd a bhrosnachadh.
Airson mion-fhiosrachadh: Tadhail air Learn Gaelic >>
Aonadan | Gràmar | Abairtean Sgiobalta | Òrain
Tha Beag air Bheag air a sholaireadh le BBC Alba agus ag amas air fìor luchd-tòisichidh. ‘S e cùrsa goirid cànan a tha ann le earrannan goirid èisteachd, gràmar bunaiteach agus òran no dhà ri ionnsachadh (le faidhlichean fuaim agus tar-sgrìobhadh cuideachail).
Airson mion-fhiosrachadh: Tadhail air Beag air Bheag >>
Ged is ann ag amas air pàrantan le clann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a tha an larach seo, faodaidh na h- eacairseachan a bhith feumail do luchd-ionnsachaidh airson ionnsachadh bunaiteach a dhaighnicheadh..
Airson mion-fhiosrachadh: Tadhail air Gaelic4parents >>
Air a chuir ris Ògmhios 2014 le Pàrlamaid na h-Alba,’s e seo clàr-cluiche You Tube de na 20 programam de Can Seo (sreath airson luchd-ionnsachaidh) bho na 1970an. Tha cothrom agad an leabhar a tha a’dol leis an t-sreath a’ luchdachadh a-nuas an asgaidh mar pdf.
Airson mion-fhiosrachadh: Coimhead air Can Seo >>
Sreath 1 cliopaichean | Sreath 2 cliopaichean | Sreath 3 cliopaichean | Sreath 4 cliopaichean
‘S ann sna 1990an a chaidh am program ionnsachaidh Gàidhlig,Speaking Our Language,a dheanamh. Tha sinn ag obair air clàr-cluiche mionaideach airson na programan a tha ri fhaighinn air You Tube, ach san eadar-ama, faodaidh tu na cliopaichean cànain uile a choimhead air Learn Gaelic air a bheil tar-sgrìobhaidhean le eadar-theangachaidhean comhla ris na videothan.
‘S e gràmar Gàidhlig gu math sgoilearach a tha a’dèanamh iomradh air gach tionndadh a tha sa ghràmar a th’ann an Scottish Gaelic Grammar Wiki.
Airson mion-fhiosrachadh: Tadhail air Wiki Gràmar Gàidhlig >>
Wiki beag, de nàdar aotrom, a tha ga do stiùireadh tro ghràmar agus fuaimneachas bho sealladh gu math cànanach.
Airson mion-fhiosrachadh: Tadhail air Akerbeltz >>
Faclair Gàidhlig gu Beurla Dwelly gu goireasach air-loidhne dhut. Tha am faclair seo a’dol an doimhneachd leis na co-theacsan. Tha am faclair air a rèiteachadh airson gun urrainn dhut lorg ann an Gàidhlig no Beurla.
Airson mion-fhiosrachadh: Cleachd Am Faclair Dwelly >>
Tha am pròiseact seo a’ cleachdadh faclair Dwelly mar bhunait agus a’cuir ris le briathran as ùire. A bharrachd, tha na tòraidhean a’ tighinn le inneal tomhais cleachdaidh a tha cuideachd ri fhaicinn air mapa nuair a bhriogas tu air an toradh a tha thusa ag iarraidh.
Airson mion-fhiosrachadh: Cleachd Am Faclair Beag >>
Tha an roinn innealan seo a’ ceangal ri faclair no dhà feumail, nam measg, iad le briathrachas Pàrlamaideach agus teicnigeach, agus ainmean àiteachan. Tha am faclair Learn Gaelic air a thoirt am follais an co-cheangal ris Am Faclair Beag.
Airson mion-fhiosrachadh: Cleachd na h-innealan ann an Learn Gaelic >>
Ann an co-cheangal ri Clì tha Learn Gaelic air liosta iomlan de chùrsaichean Gàidhlig ann an Alba a chur ri chèile.
Airson mion-fhiosrachadh: Faic an liosta chùrsaichean aig Learn Gaelic >>
Tha Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach a’ tathann foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre colaiste agus oilthigh a bharrachd air cùrsaichean agus bùthan-obrach airson Gàidhlig ionnsachadh. Tha a’ mhòr–chuid de na cùrsaichean gan tathann air àrainn na colaiste ach tha curraicealam foghlaim aig astar ga thathann a-nis cuideachd.
Airson mion-fhiosrachadh: Faic cùrsaichean bho Sabhal Mòr Ostaig >>
Air àrainn Colaisde a’ Chaisteil, de Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean tha an oilthigh a’tathann cùrsaichean Gàidhlig airson luchd-toisichidh agus cùrsaichean bogaidh airson eadar-mheadhanaich gu fileantaich.
Airson mion-fhiosrachadh: Faic cùrsaichean bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean >>
Tha Oilthigh Dhùn Èidinn a’ ruith chlasaichean Gàidhlig aig 3 ìrean bho ìre luchd-tòisichidh,tro na bliadhna.
Airson mion-fhiosrachadh: Faic cùrsaichean aig Oilthigh Dhùn Èidinn >>
Tha cothrom agad aig Colaiste Dhùn Èidinn Gàidhlig ionnsachadh gu Àrd Ìre.
Airson mion-fhiosrachadh: Faic cùrsaichean aig Colaiste Dhùn Èidinn >>
Tha Comhairle Baile Dhùn Èideann a’tathann clasaichean foghlam coimhearsnachd ann an Gàidhlig aig ìre neach-toisichidh,an ath ìre agus ìre eadar-mheadhanach.
Airson mion-fhiosrachadh: Faic na cùrsaichean bho Comhairle Baile Dhùn Èideann >>
Tha Colaiste Abaid a’ Bhatail Nuaidh a’ruith cùrsaichean cànain agus cultar – cuid air àrainn na colaiste agus cuid eile ann an Dùn Èideann.
Airson mion-fhiosrachadh: Faic cùrsaichean aig Colaiste Abaid a’ Bhatail Nuaidh >>